Berri      2007-03-05

Obair-bhrothaig, 1320
Litir bho Obair-bhrothaig
gu Pap Eòin XXII,
1320
 O Athair ro naomh an seirbhis Dhè ‘s ceannard mòr ro urramaicht’ le toil is
cumhachd mhòrachd Dhè os cionn na h-Eaglais iomlan taght’; ar daoine uaisle saor
le chèile, ceann cinnidh àrdaicht’ againn cruinnicht’, thaobh anam Alba
bruidhinn treun airson rìoghachd gu lèir is aonaicht’.
Mar mhic gu sochair tro’ linntean fad’ an Eaglais filia specialis, le pròis is
irioslachd san Tì a chuir sar chomharra chùmhnant naomha oirnn; mar leanabh
nighean àraidh roghnaicht’, seo sgrìobh sinn fhèin an ùmhlachd trom bhur mic gu
bràth, an gealladh làidir an cràbhadh fior bhur casan ‘pògadh.
Bhathas ‘tuigse, Thighearn Athair Naomh, tro’ uine fad’ measg muinntir mhòr bho
Ghalile, Galatia, Gaul, Galicia nas gairge nan slògh borb’, gum bi ar laochan
cliùiteach fior air saorsa grèim gu daingeann cumail; an togradh duibh cuir sinn
fo riaghal - nach dànaich duin’ no dùthaich eil’,
Fad mìltean bliadhna cruaidhe trom an aghaidh Bhreatannach, Lochlann’s eile, ar
n-athraichean air strì ar tìr a chumail an saors’ bho Shasainn sanntach glacail;
a-nis am fianais le eachdair’ sean, an-diugh nar seasamh nar fir sìorraidh, bha
againn ceud is tìr rìghrean deug gun coigrich breugach air ar rìoghachd.
Tro’ linntean dh’fhàs ar rìoghachd ‘s ar daoine beannaicht’ len athraiche naomha
gu lèir mar chlann gu sònraicht’ bhràthair Phàdraig le mòran càirdeis,
bàidhealachd is sochair, fo dhìon Anndra an sìth a’ còmhnaidh - gus Eideard ann
an càirdeas breugach gu grad rinn cogadh garg nar n-aghaidh ‘s fear cruaidh gar
cur fo èiginn brònach.
Chan urrain dhaibh na h-uilc a thuigsinn nach fhaca marbhadh agus ainneart ach
iadsan dh’fhuiling on Rìgh neo-airidh am mulad dubh, am bàs cho tosdach, na
h-eaglaisean, abaidean uile, air sgrios am marbhadh brùideil borb gun chiall,
nach seachainn bodach, bean no leanabh, gun urram air na sagairtean bàidheil.
Rinn Raibeart treun ar Prionnsa gaisgeil stri mhòr mar Iudas Maccabeus, a chur
ar cùl bruadaran Shasainn le aintighearn a chaoidh nar riaghladh; tro’ bhliadhna
trom, chridh’ treun a’ cumail gu maireann, fad cruaidh chunnart’ mòr a’ dìon le
sgiath nas cinntich fìor a mhuinntir sheas air taobh na h-oighreachd.
Chuir sinn air àirde Rìgh na taghadh, fear glèidhidh treun air saorsa Alba, a
rugadh ‘na rìgh is ‘na dhuine fiùthail, airson sin tha sinne deas ri sabaid. Ma
strìochdas e anfhann gar trèigsinn, sin bitheamaid grad ‘n Righ ud a dhiùltadh,
ma ghèilleas e fhèin ri seirbhis Shasainn, ‘n sin Rìgh nas fheàrr bidh sinn a’
taghadh.
Chan fheum sinn dearbhadh a-rithist an glòirbhinn mhòr an sgeulachd Alba, cha
chuir sinn earbs’ an airgead mealltach, chan iarr sinn ràiteachas gun fhiù, cha
bhi sinn gu dìlinn a’ gèilleadh fo thràillealachd ìsle Shasainn amh, cho fad’s a
mhaireas ceud a-mhàin glèidhidh sinn gu treun ar saors’ gu bràth.
Aon lagh air Iùdhach is Greugach a-mahàin mar sin an Alba ‘s Sasann cuideachd,
bidh an Tì as àirde toirt a bhreitheanais air uilc fad bliadhn’ dorcha
dòrainneach. A Thighearn, tha sinn ag achanaich, cuir stad air sannt Rìgh ud na
h-uile Sasuinn a tha leis an talamh nas mò ‘na fheum far an d’fhuair seachd
Rìghrean sàsachd.
Is sinne an còmhnaidh nar dùthaich bhig, chan iarr sinn ach rudan is leinn
fhèin, sin innis dha leig dhuinn bhith ciùin, ar sìth a ghealladh tha sinn
deònach. Chan urrain dhuibh gu dearbh seachnadh bhur dleasnas soilleir, Athair
as naomha, mus fhaic am pàganach peacach Eaglais ‘s a h-ainm dol sìos am masladh
grànda.
Sin Cronaich Rìghrean an leisgeil bhreugaich nach urrain dhaibh Tir Naomh a’
chuideach, a chionn a’ chogaidh an aghaidh nàbaidh, ‘s iad trang aig creachadh
an coimhnearsnach; is aithne do Dhia a leugh an cridhe - gun eallach Eideard,
bhitheamaid deas le aoibhneas saorsa thoirt don Tìr, ‘s an làthair Eaglais bheir
sinn gealladh.
Nis deanamaid ùmhlachd duhibh mar mhic is a bhith taitneach daonnan d’ur toil,
ach seasamh an seo am fianais ar Dia is feumaidh sinn ar comhairle fhoillseach -
na gabh gun dearchadh fascal Shasainn, na cuir ann bhur muinighin neochiontach,
neo-chùramach na dèan ar tilgeadh an cogadh dòrainneach brònach fuileach.
Gach olc a chuireadh iadsan oirnne, am mulad ceudna ‘s e an dìoghladh leinne, a
Dhè as Àirde, na cionta sin cho uabharr, dona, fo chùnntas cuir-sa; bithidh
sgrios gu lèir air àitibh uile, ma chumas sibhse bhur taic ri Sasainn an
casgradh diabhlaidh air corp is anam aig airseirigh feumaidh sibh am freagradh.
Do chathair Dhè bheir sinn ar cùis air beulaibh an Rìgh ro Mhòr ar breitheamh;
ar n-inntinn uaith ri fòirneart a’ cathadh an ainm Dhè is earbsa Chrìosd, gu
robh ar Dia a’ deònach dhuinn a’ mhisneach làidir treun is seasmhach, gun cumadh
sinn ar cinneach saor ‘s gu’n còpadh sinn aintighearnas daingeann.
Gu maireadh sibh an seirbhis Eaglais a’ bhliadhna 1320 beannaicht’; bho
Obair-bhrothaig Giblean sèathamh an còigeamh bliadhn’ deug an Rìgh
roimh-ainmicht’.